Threading the film…
Threading the film…
Seo an sgeulachd aig Gille-brìghde is Brìghde, dà gille-bhrìghde a tha a’ fuireach anns na h-Eileanan Siar. Tha an sgeulachd aca a’ soilleireachadh mar a dh’ fhaodadh buaireadh leantainneach buaidh a thoirt air eòin a tha a’ neadachadh air an talamh rè seusan a’ briodachaidh. Tha am pròiseact mar phàirt de Iomairt Buaireadh Fiadh-bheatha Bi Glic / Be Wise airson nan Eileanan Siar. Chaidh am beòthachadh seo a thoirt beò leis an neach-beothachaidh Cashlin MacKenzie às leth RSPB Alba. Tha am pròiseact air a mhaoineachadh le Maoin Ath-nuadhachadh Nàdair Riaghaltas na h-Alba, air a rianachd le Comhairle nan Eilean Siar.